A' Sireadh Cànan Dùthchasach anns an Tasglann Nàiseanta Fiolm an RA

Written by Jo Reid | Translated by Kirsty Macdonald

Jo Reid is a curator and film writer who has previously curated for ICO’s Cinema of Ideas, Bird’s Eye View, Cinema Rediscovered. Jo was commissioned to work with Dùthchas co-director Kirsty Macdonald to research and curate a touring short programme of archive films relating to UK indigenous languages to be screened alongside Dùthchas as part of a UK cinema tour in November 2022.


Bidh tasglannan fiolm nàiseanta a' toirt sealladh iongantach, laghach, mi-chofhurtail agus àbhaisteach de dhòigh-beatha luchd-labhairt mion-chànain air feadh an Rìoghachd Aonaichte.

Still from Amharc Aneas / View From The South (1962) - Courtesy of Northern Ireland Screen Digital Film Archive & Gael Linn, Omas Media Ltd

Èireann a Tuath

Chìthear na fiolmaichean bhon tasglann ann an Èireann a Tuath aig Northern Ireland Screen Digital Film Archive . Tha a' mhòr chuid de shusbaint ann an Gaeilge bhon bhliadhna 2000 agus air adhart, oir sin nuair a thòisich iad air barrachd phrògraman sa Ghaeilge a chruthachadh le Maoin Chraolaidh na Gaeilge.

Anns an tasglann tha roghainn ann de phrògraman chloinne, aithriseachd eachdraidheil, agus seallaidhean de dhòigh-beatha luchd-labhairt na Gaeilge ann an Èireann a Tuath. Tha am prògram pupaidean Bia Linn! a' teagasg còcaireachd, agus tha Triúr Ban Óg a' rannsachadh mar a tha triùir bhoireannaich òga a' faireachdain mun Ghaeilge. Tha Puncaí na hÉireann a' coimhead air ceòl punc na Gaeilge anns na 70an is 80an. Ged a tha measgachadh eadar craoladh ann an Èire agus Èireann a Tuath, chaidh a' mhòr chuid a chruthachadh ann an Èire agus a chraoladh ann an Èireann a Tuath.

Ged nach eil e furasta greim fhaighinn air fiolmaichean Gaeilge bhon 20mh linn, tha earrannan ann a tha a' toirt dhuinn seallaidhean beaga de bheatha aig toiseach an aimhreit. Tha an sreath telebhisean Amharc Aneas / View from the South a' cleachdadh dealbhan bhon na naidheachdan ann an Èire gus sealltainn mar a bha na nàbaidhean gan coimhead. Cuideachd, tha At the Heart of the City a' sealltainn clas cànan aig an YMCA ann am Beal Feirste ann an 1944 (10:51). Tha e sàmhach, ach chìthear na tha iad ag ionnsachadh air a' bhòrd-chailc.

Cuimrigh

Chìthear tasglannan fiolm Chuimrich air-loidhne air the BFI player. Tha an stòras de fhiolmaichean amaitear mar fianais air cho làidir agus cumhachdail a bha an luchd-labhairt ann a bhith a' caomhnadh na còraichean aca.

Tha dealbhan bho na Eisteddfods (coltach ris a' Mhòd ann an Alba) cho tràth ri 1916 a' sealltainn cho dìleas sa bha, agus a tha, iad ri cultur is dualchas na Cuimrigh. Ged a tha na fiolmaichean seo sàmhach, thèid againn beachdachadh air fuaimean nach cluinn sinn ach a tha ann. Cha deach fuaimean na Cuimris an clàradh, ach faireachaidh tu i.

An coimeas ri tasglannan eile anns a bheil mion-chànain, tha an t-uabhas fiolmaichean bho dhachaighean is amaitearan, agus 's e bu choireach an oidhirp a chaidh a dhèanamh anns an 20mh linn gus Cuimris a bhrosnachadh agus a chaomhnadh. 'S e club òigridh a th' ann an Urdd Gobaith Cymru, a' tabhainn tachartasan do dh' òigridh ann an Cuimris. Tha fiolm amaitear bho na 40an a' sealltainn mar a bha na càmpaichean aca, agus prògram aithriseachd bho na 70an a' togail aire air an dìleab aca agus an taic dhan chànan. Mar a bha leis an Eisteddfod, tha seo a' sealltainn mar a tha Cuimris air fhighe a-steach ann an gnìomhan culturail, agus gur e rud iomchaidh, spòrsail agus sòisealta a th'ann.

Rudan eile a tha inntinneach sna tasglannan Chuimris: a' chiad fiolm Chuimris a chaidh a chur air adhart airson Oscar, agus fiolm goirid bho 1953 mu ghille òg a' sgrìobhadh dhan cho-ogha aige ann an Astralia. 

Alba 

Tha cruinneachadh mòr de stuthan Gàidhlig anns an Tasglann Fiolmaichean aig Leabharlann Nàiseanta na h-Alba, ri fhaicinn anns an leabharlann aca ann an Kelvin Hall, Glaschu. Ach dhaibhsan nach urrainn siubhal ann, tha gu leòr ri fhaicinn air an làrach-linn aca.

Ma tha ùidh agaibh ann a bhith ag ionnsachadh Gàidhlig, feuch Beagan Gaidhlig. Tha prògram air leth mu Shomhairle MacGill-Eain Sorley MacLean's Island, a' sealltainn oileanaich ag ionnsachadh bàrdachd Shomhairle. Tha e a' beachdachadh air crìonadh na Gàidhlig, agus am buaidh a bh' aig Ratharsaigh agus an t-Eilean Sgitheanach air an sgrìobhadh aige.

Tha mion-chànain mar Ghàidhlig gu tric air an iomall ann an tasglannan. Mar as trice air fhaicinn tro shùilean Ghallda, neach-ionnsachaidh èasgaidh, no neach-amharc eile seach sùilean nan Gàidheal fhèin. Ann an Loch Lomond (26:16) tha beagan Gàidhlig ri chluinntinn ann an taigh-òsda agus tha an neach-aithris ag ràdh gu bheil blas na Gàidhlig "uaireannan, 's dòcha, nas fhear na uisge-beatha". Ach, ann am fiolm sàmhach bho na 1930an tha e coltach gu bheil fuaim na Gàidhlig mar "a bath when the plug is pulled” (01:14).





A' coimhead tro thasglannan an RA, chìthear sealladh inntinneach air staid mion-chànain na dùthcha. Ro thric, tha am beàrn ceart cho cudromach sa tha na fiolmaichean fhèin. Gus sealladh air beatha luchd-labhairt na cànain seo a lorg, feumadh sinn rannsachadh a dhèanamh, agus a bhith fosgailte, foighidneach agus èasgaidh.





Prògram 'Guthan bhon Tasglann':

Tryweryn: Story of a Valley 1965, Friar’s School, Bangor

Amharc Aneas / View from the South 1962, Gael Linn, Omas Media Ltd

 

This programme note and the commission was made possible through the support of the BFI Film Audience Network with National Lottery funding as part of the Changing Times: Curious funding programme.

Next
Next

Searching for Indigenous Languages in the UK National Film Archives