Dùthchas | Home

“Tha e mar gun robh thu ann fiùs mun do rugadh thu”

“It’s as though you were here, before you were even born”

Screen Scotland and BBC ALBA present a Hopscotch Films and UistFilm production

Producers: John Archer, Andy Mackinnon Directors: Kirsty MacDonald, Andy Mackinnon Composer: Donald Shaw

BBFC Certificate: U | Film Duration: 88 mins | 4K DCP 5.1 | Language: Gaelic (subtitled) & English

What People Are Saying

“Berneray has been part of me all my life, it’s where my heart is”

— Sunday Post

“Wedding day scenes bride has waited 50 years for”

— Scottish Daily Mail

“Islander’s delight as mystery cine film found with footage of her wedding”

— The Times

"it’s a wonderful documentary..."

— Kristy Matheson, Creative Director EIFF. Courtesy of Radio Scotland.

Airson cuid againn, tha dà àite ris a chanas sinn an dachaigh againn – far an do rugadh sinn, sa bheil sinn a’ faireachdainn a bhuineas sinn fhathast, agus an t-àite far a bheil sinn a’ fuireach an-dràsta. Tha am film seo mu chianalas airson an àite far an do rugadh iad a tha feadhainn a dh’fhàg Beàrnaraigh a' faireachdain, agus a’ chuimhne air an àm a dh’fhalbh dhan fheadhainn a dh’fhuirich no a thill, nuair as e an dachaigh nan cridhe cuideachd far a bheil iad a’ fuireach.

-

For many of us there are two places we can call home - where we were born, where we still feel we belong, and where we now live. This film is about the yearning for their birth home felt by those who have left the Isle of Berneray in the Outer Hebrides, and the remembrance of the ever-living past for those who have stayed or returned, when the home in their heart is also where they live. 


The documentary feature Dùthchas | Home is a poignant, touching and emotive exploration of what it meant - and still means - to people, especially women, to have to leave the island of their birth to get an education, work, and live. We explore the effect this had on the Gaelic language and culture of the island. A particularly moving film for anyone with a connection with the Hebrides.

Tha an aithriseachd Dùthchas na rannsachadh drùidhteach, tiamhaidh is làidir air cò ris a bha e coltach – agus a tha fhathast – do dhaoine, boireannaich gu h-àraid, a bhith a’ fàgail eilean am breith gus foghlam, cosnadh is còmhnaidh fhaighinn. Tha sinn a’ coimhead air a’ bhuaidh a dh’fhàg seo air cànan is dualchas Gàidhlig an eilein. Film gu sònraichte drùidhteach do neach sam bith aig a bheil ceangal ris na h-Eileanan.

San fhilm seo tha seann fhilm 8mm Kodachrome nach fhacas riamh roimhe de bheatha làitheil air Eilean Bheàrnaraigh sna 60an is 70an measgaichte le agallamhan ri daoine às an eilean agus nam measg mòran a bha san t-seann fhilm. Tha seallaidhean suaicheanta a' nochdadh a-rithist is a-rithist de bhith a' fàgail an eilein, càirdean is caraidean air a’ chidhe a’ fàgail soraidh slàn mar a dh’fhalbhas iad às an t-sealladh. Ged a tha am film gun fhuaim, cha mhòr nach cluinn thu fuaim an caoineadh.

Chaidh ceòl air a chruthachadh a dh’aon ghnothach le Dòmhnall Seathach a’ tarraing à dualchas saidhbhir òrain na Gàidhlig agus às na fuinn chumhachdach nan cois mar spreagadh. 

This film features previously unseen Kodachrome 8mm archive film of everyday life on the Isle of Berneray in the Outer Hebrides of Scotland through the 60s and 70s, intercut with interviews with people from the island including many featured in the archive film which reveals repeated iconic scenes of leaving the island, friends and relatives on the pier waving as they recede into the distance. Although the film is silent, you can almost hear the keening.

A specially composed soundtrack by Donald Shaw draws on the rich tradition of traditional Gaelic songs and their compelling melodies as inspiration.

Directors: Andy Mackinnon and Kirsty MacDonald

Andy Mackinnon has worked in creative and collaborative film and contemporary art since the late 80s, and lives on the island of North Uist in the Outer Hebrides. He was director/cinematographer/producer of the Scottish BAFTA nominated £300k budget feature documentary TRANSITION, the first Scottish documentary to make the official selection at IDFA in 2000. In 2000 he worked with Taigh Chearsabhagh Museum & Arts Centre to make the participatory documentary feature Passing Places - The Real Outer Hebrides. He is passionate about environmental issues and the islands where he now lives. 

Kirsty MacDonald has over twenty years’ experience in the Gaelic language and cultural sector. A native of North Uist, she is fluent in Scottish Gaelic, and has a love of indigenous minority cultures and languages, history and ethnology.  As well as researching and presenting archaeology series 'Talamh Tròcair', she has contributed to several broadcast productions for BBC Alba. such as An Dotair Mòr (2014), An Cràdh/Endo What? (2015), An Taistealaiche/ The Far Traveller (2019), Iorram/Boat Song (2019) and Maorach: Hebridean Shellfish (2021). 

Dùthchas | Home is her first Co-director role.

Stiùirichean: Anndra MacFhionghain agus Curstaidh NicDhòmhnaill

Tha Anndra MacFhionghain air a bhith ag obair ann am film cruthachail is co-obrachail bho dheireadh nan 80an, agus tha e a’ fuireach ann an Uibhist a Tuath. Bha e mar stiùiriche/dhealbhadair/riochdaire air an aithriseachd le buidsead £300k Transition a chaidh ainmeachadh airson duais Bafta na h-Alba, a’ chiad aithriseachd Albannach a chaidh a thaghadh gu h-oifigeil aig IDFA ann an 2000. Ann an 2000, bha e ag obair le Taigh-tasgaidh is Ionad-ealain Thaigh Chearsabhagh gus an aithriseachd chom-pàirteachail Passing Places - The Real Outer Hebrides, a dhèanamh. Tha e dealasach mu cheistean mun àrainneachd agus mu na h-eilean far a bheil e a’ fuireach a-nis.

Tha Curstaidh NicDhòmhnaill air a bhith ag obair ri cànan is dualchas na Gàidhlig o chionn còrr is fichead bliadhna. À Uibhist a Tuath bho thùs, tha i fileanta sa Ghàidhlig, agus tha ùidh mhòr aice ann am mion-chultaran is mion-chànain, eachdraidh is eitn-eòlas. A bharrachd air a bhith a’ rannsachadh is a’ cur an làthair sreath àrc-eòlais ‘Talamh Tròcair’, tha i air a bhith an sàs ann an caochladh chraolaidhean do BhBC Alba, leithid An Dotair Mòr (2014), An Cràdh (2015), An Taistealaiche (2019), Iorram (2019) agus Maorach (2021).

Is e Dùthchas a’ chiad dreuchd stiùiriche aice. 

Composer: Donald Shaw

Donald Shaw is an acclaimed Scottish musician, producer, festival director and award-winning composer. He has recorded and collaborated on over 100 albums with musicians in all styles of music, created Bafta winning soundtracks and directed large-scale live commissions. Throughout his musical life Donald has been involved in composing for film and TV. He has composed and produced music for HBO, Netflix, Amazon, BBC, Channel 4 and US cable channels.

Recent soundtrack commissions include the BBC Network Nature series Scotland’s Wild Heart, flagship BBC Alba drama Bannan, and the Bafta winning children’s TV series Katie Morag. His soundtrack to Hebrides – Islands on the Edge (narrated by Ewan McGregor) was nominated for the coveted Jackson Hole award. He contributed to the soundtrack to the Emmy-winning HBO series Succession. The BBC London Philharmonic Orchestra, the Halle Orchestra, the BBC Scottish Symphony Orchestra, the Royal Scottish National Orchestra and the Scottish Chamber Orchestra have performed his compositions. He was rewarded with two Royal Television Society awards for Best Soundtrack and Best Theme in UK television for the BBC drama Crowdie and Cream (co-composed with Charlie McKerron), and his expansive score co-created with James Grant featuring music and poems for the millennium art film Transition by Andy Mackinnon was BAFTA nominated for Best Soundtrack.

Fear a’ chiùil: Dòmhnall Seathach

Tha Dòmhnall Seathach cliùiteach mar cheòladair is riochdaire, agus mar stiùiriche fhèisean agus na sgrìobhadair-ciùil a th’ air iomadh duais a chosnadh. Tha e air clàradh is obrachadh air còrr is 100 clàr le luchd-ciùil anns gach seòrsa ciùil, air ceòl a choisinn duaisean Bafta a chruthachadh agus coimiseanan mòra beò a stiùireadh. Rè a’ bheatha ri ceòl tha Dòmhnall air a bhith an sàs ann an sgrìobhadh airson film is telebhisean. Tha e air ceòl a chruthachadh is a riochdachadh airson HBO, Netflix, Amazon, BBC, Channel 4 agus seanailean càbaill sna Stàitean Aonaichte.

Am measg nan coimiseanan airson fuaim-taice o chionn ghoirid tha an sreath air BBC Network Nature, Scotland’s Wild Heart, an dràma Bannan air BBC Alba, agus sreath na cloinne Katie Morag a ghlèidh duais Bafta. Chaidh an ceòl a rinn e airson Hebrides – Islands on the Edge (air aithris le Eòghainn MacGriogair) ainmeachadh airson duais chliùiteach Jackson Hole. Chuir e ri fuaim-taice sreath HBO Succession, a ghlèidh duais Emmy. Tha London Philharmonic Orchestra a’ BhBC, Orchestra Halle, Scottish Symphony Orchestra a’ BhBC, Royal Scottish National Orchestra agus Scottish Chamber Orchestra air ceòl leis a sheinn. Chaidh dà dhuais leis an Royal Television Society airson Fuaim-taice as Fheàrr agus Cuspair as Fheàrr a bhuileachadh air airson sreath a’ BhBC Crowdie and Cream (air a sgrìobhadh cuide ri Teàrlach MacCiarain), agus chaidh an ceòl farsaing air a cho-chruthachadh le Seumas Grannd anns a bheil ceòl is bàrdachd airson film-ealain nam mìle bliadhna, Transition, le Anndra MacFhionghain ainmeachadh airson duais Bafta airson Fuaim-taice as Fheàrr.

Producers John Archer (Hopscotch Films) and Andy Mackinnon (UistFilm)

John Archer and Hopscotch Films work with great documentary directors to make their passion projects. Jono McLeod’s My Old School premiered in Sundance this year and is released in UK cinemas in August. Mark Cousins’ The Story of Film a New Generation was the first film to play in Cannes 2021, and received terrific reviews. Other projects with Mark Cousins are: Women Make Film: A New Road Journey Through Cinema (Venice, Toronto and London Film Festivals), awarded

Innovation in Storytelling at European Film Awards 2020; I Am Belfast; Atomic:Living In Dread And Promise and The Story Of Film: An Odyssey (Peabody Award, Stanley Kubrick Award) which has just been remastered to HD and is still selling around the world a decade after its first release. 

Other recent feature films are with Matt Pinder - Harry Birrell Presents Films of Love and War (Winner Audience Award Glasgow Film Festival 2019); Stephen Bennett’s Eminent Monsters (Traverse City Film Festival 2019, Winner Best Documentary Belfast Human Rights Festival); and Rachel Maclean’s Make Me Up (LFF, Rotterdam, Gothenburg)

UistFilm, based on North Uist in the Outer Hebrides, was formed in 2013 by Andy Mackinnon within Taigh Chearsabhagh Trust, and produces a wide range of media content including commissioning and collaborating on artists’ moving image. Andy produced and directed UistFilm’s first broadcast documentary commission, the widely acclaimed An Dotair Mòr (2014) and recently collaborated with Joshua Bonnetta, whose Uist-shot feature An Dà Shealladh | The Two Sights premiered at Berlinale FORUM in 2020.

UistFilm’s FAODAIL | FOUND Outer Hebrides Archive Film project seeks to digitise and disseminate indigenous archive film of the islands as currently all of the National Library of Scotland Moving Image Archive relating to the Outer Hebrides is from outsider perspectives.

Supported by the Scottish Government and the National Lottery through Creative Scotland.

Riochdairean John Archer (Hopscotch Films) agus Anndra MacFhionghain (FilmUibhist)

Bidh John Archer agus Hopscotch Films ag obair le luchd-stiùiridh aithriseachd barraichte gus pròiseactan an tlachd a dhèanamh. Chaidh My Old School le Jono MacLeòid a thaisbeanadh an toiseach ann an Sundance am-bliadhna agus thèid a sgaoileadh ann an taighean-dhealbh na RA san Lùnastal. B’ e The Story of Film: a New Generation le Mark Cousins a’ chiad fhilm a chaidh a thaisbeanadh ann an Cannes 2021, agus fhuair e moladh mòr mòr. Am measg nam pròiseactan eile cuide ri Mark Cousins tha: Women Make Film: A New Road Journey Through Cinema (Fèisean Fhilmichean Venice, Toronto is Lunnainn), a fhuair duais Innovation in Storytelling aig European Film Awards 2020; I Am Belfast; Atomic:Living In Dread And Promise agus The Story Of Film: An Odyssey (Duais Peabody, Duais Stanley Kubrick) a thathar air a chur gu HD o chionn ghoirid agus a tha fhathast ga reic air feadh an t-saoghail deich bliadhna an dèidh dha nochdadh an toiseach.

Tha prìomh-fhilmichean eile ann le Matt Pinder - Harry Birrell Presents Films of Love and War (a fhuair Duais an Luchd-èisteachd aig Fèis Fhilmichean Ghlaschu 2019); Eminent Monsters le Stephen Bennett (Traverse City Film Festival 2019, a ghlèidh an Aithriseachd a b’ Fheàrr aig Fèis Chòraichean Daonna Bheul Feirste); agus Make Me Up le Raonaid NicIlleathain (LFF, Rotterdam, Gothenburg)

Chaidh FilmUibhist, a tha stèidhichte ann an Uibhist a Tuath, a chur air bhonn le Anndra MacFhionghain ann an 2013 an taobh a-staigh Urras Thaigh Chearsabhagh, agus bidh e a’ cruthachadh raon farsaing de shusbaint nam meadhanan, agus a’ coimiseanadh is a’ co-obrachadh air ìomhaigh ghluasadach luchd-ealain. Riochdaich is stiùir Anndra a’ chiad choimisean airson aithriseachd air a craoladh le FilmUibhist, An Dotair Mòr (2014), a fhuair moladh mòr, agus o chionn ghoirid bha e ag obair le Joshua Bonnetta, a chaidh am prìomh-fhilm leis air a chlàradh ann an Uibhist, An Dà Shealladh, a thaisbeanadh an toiseach aig Forum Berlinale 2020.

Tha e mar amas aig pròiseact Filmichean Aosmhor nan Eilean le FilmUibhist, Faodail, filmichean aosmhor dùthchasach a dhigiteadh is a sgaoileadh seach gu bheil an stuth air fad aig Ìomhaigh Ghluasadach Leabharlann Nàiseanta na h-Alba an-dràsta a’ nochdadh bho shealladh dhaoine à taobh a-muigh nan eilean.

Riaghaltas na h-Alba agus bhon Chrannchur Nàiseanta tro Sgrìn Alba